Posted by Seumas Uallas on Thursday, March 4, 2010
Under:
am Màrt
A' chiad char sa mhadainn, dhùisg mi aig cairteal gu ochd. Rinn mi cupa
cofaidh airson bracaist agus an uair sin, nigh mi. Bha latha trang agam an-diugh! Anns a' chiad àite, rinn mi obair-taighe (nigh mi m' aodach 's nigh mi nan soithichean). An
dèidh sin, dhràibh mi gu Partaig. Phàirc mi a' bhan an seo agus oir bha mi a' dol dhan chlas
sìobhaltas nan Ceilteach aig aon uair feasgar. Bha
clas Ghàidhlig agam
airson leughadh aig dà uair 's an
dèidh sin chaidh mi dhan leabharlann airson leth-uair. An
dèidh sin, chaidh mi gu Rathad na Bàthach. Rug mi trèana fo thalabh gu St. Enoch agus chaidh mi dhan Proiseact Ghàidhlig aig taigh-ealain "Trongate 103". Aig coig uairean, chaid mi air ais dhan oilthigh airson òraid mu ainmean bheanntan. An
dèidh sin,aig sia uairean, chaidh mi air ais dhan bhan agus dhraibh mi gu Taigh-bìdh Sutherlands airson Glasgows Gaelic Meetup. Ràinig mi dachaidh aig leth-uair naoi. Rinn mi cupa tì agus choimhead mi telebhisean airson treis. Chaidh mi dhan
leabaidh aig aon-deug agus chaidh mi a chadal anns a' bhad! Bha mi sgìth ri cù!
In :
am Màrt
Tags:
gàidhlig "am màrt" "seumas uallas" "trongate 103" "ainmean bheanntan" "glasgows gaelic meetup" "partaig"